Beurla Ghallda an Ear-thuath a DeasIs e Albais an Ear-thuath a Deas (Beurla Ghallda: Sooth Northren Scots) buidheann de chainntean na Beurla Gallda mar a tha no a bha i ga bruidhinn ann an Siorrachd Aonghais agus a' Mhaoirne. Ged a tha iad gam bruidhinn fhathast, faodar a ràdh le cinnt gu bheil làmh an uachdar aig a' Bheurla Shasannach sa cheàrn seo. Ann an Siorrachd Aonghais, tha a' chainnt ag atharrachadh gu mòr eadar Farfar is Breichin no Mon Ròs agus Obar Bhrothaig. Cainnt Obar Bhrothaig[1]Ged nach e sgìre mhòr a th' ann an Aonghas, tha diofaran gu leòr ann an cainnt Obar Bhrothaig an coimeas ri cainntean eile san t-siorrachd. FuaimneachadhTha Obar Bhrothaig suidhichte air a' chrìoch sa bheil am fuaim "wh" ag atharrachadh chun fhuaim "f" Bhùchainneach, agus cluinnear an dà fhuaim uaireannan ann an cuid de dh'fhaclan mar na leanas.
Tha an litir "r" ag atharrachadh air uairean agus i a' gabhail àite na fuaimreig a tha roimhpe no a tha ga leantainn, mar eisimpleir: "brunt" (loisgte), "krib" (cirb-cabhsair), "cruds" (gruth), "kirsen" (baist), "girsel" (brisgean), "scart" (sgròb) no "warsle" (gleac). Thathar ag ràdh "ng" nam faclan "anger", "finger", "hunger", "single" mar a tha "singer" ga fhuaimneachadh. Ro na 1990an, bhiodh an ginealach a bu shine sa bhaile a' cur "t" ri cuid a dh'fhaclan, mar a tha "wisht" air "wish" agus "clifft" air "cliff". Abairtean àraidh Obar Bhrothaig[1]Gheibhear an seo liosta bheag de dh'abairtean a bha uair gu tric air beul a' bhaile, gu h-àraidh sa cheàrn ris an abrar "Fit o the Toun", san robh na maraichean a' fuireach agus far a bheil na ceannaichean èisg ann fhathast. Chan eil innte ach taghadh crìon den bheartas cainnt a bha ann roimhe.
Corra fhacal à Obar Bhrothaig[1]Taghadh beag de dh'fhaclan Gallda a' bhaile on leabhar aig Walter Gray.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
|
Portal di Ensiklopedia Dunia